| |
Urniugh Mhara
(Sea Prayer)
Sgioba Beannaicheadh
Dia an t-Athair i.
Stiuradair Beannaicht an long.
Sgioba Beannaicheadh Dia am Mac
i.
Stiuradair Beannaicht an long.
Sgioba Beannaicheadh Dia an Spiorad
i.
Uile Dia an t-Athair, Dia am Mac,
Dia an Spiorad, Beannaicheadh an long.
Stiuradair Ciod is eagal duibh
Is Dia an t-Athair leibh ?
Sgioba Cha 'n eagal duinn ni.
Stiuradair Ciod is eagal duibh
Is Dia am Mac leibh ?
Sgioba Cha 'n eagal duinn ni.
Stiuradair Ciod is eagal duibh
Is Dia an Spiorad leibh ?
Sgioba Cha 'n eagal duinn ni.
Uile Dia an t-Athair, Dia am Mac,
Dia an Spiorad, Leinn gu sior.
Stiuradair Ciod is fath bhur curam
Is Ti nan dul os bhur cinn ?
Sgioba Cha churam dhuinn ni.
Stiuradair Ciod is fath bhur curam
Is Righ nan dul os bhur cinn ?
Sgioba Cha churam dhuinn ni.
Stiuradair Ciod is fath bhur curam
Is Spiorad nan dul os bhur cinn ?
Sgioba Cha churam dhuinn ni.
Uile Ti nan dul, Righ nan dul,
Spiorad nan dul, Dluth os ar cinn, Suthainn sior.
Beurla
|